English

Blas na Gàidhlig

The Practical Guide to Gaelic Pronunciation
Michael Bauer | 31 dhen Mhàrt 2011
Còmhdadh cruaidh
£35.00 | Ri fhaighinn
ISBN 9781907165009

C nan L | Ullapool Bks | Blackwell's | Amazon UK
        Hugendubel | Amazon DE

McNally | Amazon CA
Barnes & Noble | Amazon US
Fishpond.com.au Fishpond.co.nz

Tha an leabhar seo a’ toirt dealbh air fuaimneachadh na Gàidhlig, rud a tha ’na chuspair sparragach ach tha an t-ùghdar ’ga thoirt seachad air dòigh shoilleir, thaitneach, a dà chuid sealladh mòr is mionaideach. Chaidh an leabhar a sgrìobhadh gu h-àraidh airson nan daoine seo:

- luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig (duine sam bith eadar fìor luchd-tòiseachadh is feadhainn a tha aig ìre glè adhartach a tha ag iarraidh piseach a chur air an cuid fuaimneachaidh)

- tidsearan is oidean na Gàidhlig a tha ag iarraidh barrachd eòlais air mar a tha na fuaimean ag obair sa Ghàidhlig agus a tha a’ sireadh dòighean nas fhearr gus an teagasg do dh’inbhich agus clann-sgoile aig nach eil Gàidhlig on ghlùn

- daoine le Gàidhlig on ghlùn a tha ag iarraidh tuigse nas doimhne air an cànan aca fhèin.

Tha an leabhar a’ tòiseachadh aig an fhìor thoiseach agus ’gad thoirt air turas mòr tro shaoghal mìorbhaileach fuaimean na Gàidhlig. Tha barrachd air 120 seata de dh’eacarsaich ann, iomadh faidhle fuaime a gheibhear gu h-ìosal agus dealbhan, an dà chuid feadhainn èibhinn is feadhainn theicnigeach agus tha e fiù ag innse dhut mar a nì thu briosgaidean na Nollaige.

Cha bhi fuasgladh ann gu sìorraidh bràth a nì a’ chùis air duilgheadasan an luchd-ionnsachaidh ’na aonar a thaobh fuaimneachaidh. Ach gun teagamh sam bith, bidh an leabhar seo ’na chuideachadh mòr do thidsearan is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig gus ceum mòr a ghabhail.

Seo agaibh na faidhlichean PDF gu h-ìosal anns a bheil na fuaimean. Bheachdaich sinn air CD no DVD a dhèanamh an toiseach ach tha uiread de dh'fhaidhlichean ann 's gum biodh sibh a' dol às ur ciall a' putadh Forward agus rinn sinn faidhlichean PDF leis an fhuaim 'nam broinn air sgàth sin.

'S urrainn dhuibh an luchdadh a-nuas cho tric 's a dh'fheumas sibh ach mholamaid gun sàbhail sibh iad air an diosg agaibh fhèin. Feumaidh sibh prògram a dh'fhosglas faidhlichean PDF mar PDFCreator, Foxit no Acrobat Reader. Ma dh'fhaighnicheas am prògram a bheil sibh airson earbsa a chur san sgrìobhainn, feumaidh sibh aontachadh ris mus cluinn sibh na fuaimean.

Daoine aig a bheil Mac: Tha duilgheadas le fuaim a tha am broinn PDF air cuid dhe na Macs. Tha teans gun obraich e nas fhearr ma dh'fhosglas sibh am PDF on Finder (seach an leughadair PDF a tha am broinn a' bhrabhsair).
Dh’obraich na leanas do chuid a dhaoine cuideachd
:
1. Luchdaich a-nuas PDF agus fosgail am faidhle slighe an Finder.
2. Briog air putan Play sam bith. Cha chluich an fhuaim ach chì thu teachdaireachd a dh
’innseas dhut gun deach cuid a ghleusan a chur à comas air sgàth adhbharan tèarainteachd.
3. Briog air an taga Options a tha deas air an teachdaireachd seo. Faighnichidh e dhìot a bheil thu airson earbsa a chur san sgrìobhainn seo (Once no Always). Tagh Always agus cluichidh an fhuaim a-nis mar is trice.
Leis gu bheil barrachd air aon fhaidhle ann, feumaidh tu sin a dhèanamh anns gach aon dhiubh ach fhad
’s a thaghas tu Always trust, cha bhi agad ri seo a dhèanamh ach aon turas.

Dh’fhaoidte gum b’ fhiach e leughadairean PDF eile fheuchainn cuideachd. Chuala sinn o chuideigin a dh’innis dhuinn gun deach aige an fhuaim a chluich mar bu chòir ann am PDF Expert le Readdle (tionndadh 6 agus nas ùire).

Mur obraich seo, nach cleachd sibh na faidhlichean mp3 (gu h-ìosal). Tha sinn duilich mun mhì-ghoireas seo ach cha b' urrainn dhuinn fuasgladh a lorg air an duilgheadas gu ruige seo as urrainn dhuinn a chur an sàs.


Na faidhlichean airson duilleag 001-078 | Na faidhlichean airson duilleag 079-159
Na faidhlichean airson duilleag 160-165 | Na faidhlichean airson duilleag 166-186
Na faidhlichean airson duilleag 187-215 | Na faidhlichean airson duilleag 216-241
Na faidhlichean airson duilleag 242-268 | Na faidhlichean airson duilleag 269-292
Na faidhlichean airson duilleag 293-302 | Na faidhlichean airson duilleag 303-322
Na faidhlichean airson duilleag 323-345 | Na faidhlichean airson duilleag 346-361
Na faidhlichean airson duilleag 362-385 | Na faidhlichean airson duilleag 456-478

Ma tha sibh ag iarraidh na faidhlichean mp3 iad fhèin, luchdaichibh a-nuas na faidhlichean a leanas is dèanaibh unzip orra an uairsin:

Na faidhlichean mp3 001-150 | Na faidhlichean mp3 151-300
Na faidhlichean mp3 301-450 | Na faidhlichean mp3 451-553

A bharrachd air sin, seo dhuibh tionndadh dhen treòir air fuaimneachadh litrichean na Gàidhlig as urrainn dhuibh a chlò-bhualadh:
An Treòir Mhòr (leis na h-eisimpleirean)
An Treòir Bheag (na riaghailtean as aonais nan eisimpleirean)