is Ùirsgeulan eile
1 dhen Lùnastal 2013
Còmhdadh bog ⁊ leabhar-d
£9.50 (£3.50 mar leabhar-d) | Ri fhaighinn
ISBN 9781907165078 (leabhar-d 9781907165269)
C nan L | Ullapool Bks
| Blackwell's
| Amazon
UK
Hugendubel
| Amazon
DE
McNally
| Amazon
CA
Barnes
& Noble | Amazon
US
Fishpond.com.au
Fishpond.co.nz
Kindle RA
⁊ Èirinn | SA
| Canada
| A’
Ghearmailt | Astràilia ⁊
Sealainn Nuadh
*Tha aplacaid Kindle ri fhaighinn air Android
is iOS
Tha trì seann-sgeulachdan à Earra Ghàidheal san leabhar seo -
Spiorad na h-Aoise, Iolaire
Loch Trèig agus
Bean-taighe Mhath 's Obair-oidhche. Saoil an dèid
leis a' bhràthair as òige a phiuthar a shàbhaladh, a bheil
Iolaire Loch Trèig am bith as sine san t-saoghal agus am faigh
a' bhean-taighe bhochd cuidhteas dhe na sìthichean a ghairm i
orra gun tubaisteach?
’S e clò-bhualadh ùr de sheann-leabhar a tha seo. Chaidh an
clò gu lèir a shuidheachadh às ùr is chaidh na dealbhan
dathte a sgioblachadh. Dh’uraich sinn an litreachadh beagan
agus chuir sinn nòtaichean aig bonn nan duilleagan (ann an
Gàidhlig) a mhìnicheas faclan annasach san sgeulachd. Ach a
bharrachd air sin, tha an leabhar mar a bha e.
Tha aon rud ann a tha gu tur ùr agus ’s e sin an clàradh as
urrainn dhuibh luchdadh a-nuas is èisteachd ris. Rinn sinn
clàradh de bhodach à Earra Ghàidheal aig a bheil Gàidhlig na
sgìre on ghlùn. Bidh sibh air ur beò-ghlacadh le blas a’
chànain nach cluinnear ro thric an-diugh tuilleadh!