English

Sgeulachdan Aràbianach

Sgeulachdan nam mìle oidhche ’s a h-aon
An t-Urr. Iain MacRuairidh (eadar-theangadair)
8 dhen Dàmhair 2017
Còmhdadh cruaidh
£38.00 | Ri fhaighinn
ISBN 9781907165177

C nan L | Ullapool Bks | Blackwell's | Amazon UK | Amazon DE
McNally | Amazon CA
Barnes & Noble | Amazon US
Fishpond.com.au Fishpond.co.nz

Can “Fosgail, a sheasamain” agus fiosraich mar a thachair do dh’Alī Bābā san uaimh agus mar a chuir an tè as glice san t-saoghal às don dà fhichead mhèirleach. Leugh an uairsin mar a dh’èirich do Shindbād air a sheachd tursan-cuain agus mar a theich e à ceud cunnart le a bheatha aig a’ cheann thall. Agus cuir an uairsin eòlas air a’ chorr de na sgeulachdan air nach eil sinn cho eòlach ach a tha a cheart cho annasach is tlachdmhor.

Tha e trì ceud bliadhna on a chuir Antoine Galland crìoch air Les mille et une nuits ann an 1717, a’ chiad eadar-theangachadh dhe na sgeulachdan seo ann an cànan na Roinn Eòrpa. Tha sinn anabarrach toilichte na sgeulachdan uile a chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig a thoirt cruinn san aon leabhar airson a’ chiad turas a-riamh aig a’ cheann-bhliadhna seo fhèin...

Thug Calum Laing seachad ùine mhòr a’ rannsachadh beatha Iain MacRuaraidh agus dh’fhoillsich e sàr-leabhar mu dhèidhinn.