English

Rònan is Ciorstag air a’ chroit

Leabhar-cloinne le dealbhan 
Michael Bauer | 31 dhen t-Sultain 2012
Còmhdadh bog ⁊ leabhar-d
£10.50 (£3.50 mar leabhar-d) | Ri fhaighinn
ISBN 9781907165030 (eBook 9781907165245)

C nan L | Ullapool Bks | Blackwell's | Amazon UK
        Hugendubel | Amazon DE

McNally | Amazon CA
Barnes & Noble | Amazon US
Fishpond.com.au Fishpond.co.nz
Kindle RA ⁊ Èirinn | SA | Canada | A’ Ghearmailt | Astràilia ⁊ Sealainn Nuadh
*Tha aplacaid Kindle ri fhaighinn air Android is iOS

Seo a' chiad leabhar againn dhan chloinn. Tha Rònan agus Ciorstag a' tadhal air an seanmhair agus tha an cù aice a' falbh na croite 's ag innse dhan a h-uile beathach gun dàinig iad. Fhad 's a nì e sin, tha cothrom ionnsachaidh againn air na tha na beathaichean uile ag ràdh sa Ghàidhlig: a' bhò ruadh 's a laoigh, an tunnag, a h-iseanan 's na geòidh, an coileach 's na cearcan, an t-each 's an t-asal, na seilleanan 's an cat agus gach beathach eile - fiù a' mhuc-mhara. Seadh, a' mhuc-mhara. Mur eil fhios agaibh dè na tha i ag ràdh sa Ghàidhlig, seo dhuibh cothrom ionnsachaidh thairis air 40 duilleag le 19 dealbhan dathach, taitneach, tarraingeach.

Chaidh an sgeulachd a sgrìobhadh sa Ghàidhlig o thùs is leis a sin, chan e eadar-theangachadh de leabhair-cloinne Beurla a th' ann. A bharrachd air sin, tha a' chroit am badeigin air taobh iar na h-Alba agus chan e dìreach sgeulachd ann an Gàidhlig a th' ann ach tè sa bheil cridhe Gàidhealach cuideachd. Tha iodhlann ann far a bheil na cearcan, tha an t-each air a' mhachair, tha na craobhan gann is chan eil sgeul air coin air a bheil "Spot" no tunnagan air a bheil "Jemima"!

Tha clàradh dhen sgeulachd ri fhaighinn cuideachd (faic gu h-ìosal) agus faclair beag dhen sgeulachd air fad do phàrantan nach eil buileach fileanta fhathast.

Èist ri clàradh na sgeulachd (mp3)
Faclair na sgeulachd