Faclair Gàidhlig agus Beurla le Dealbhan
Edward Dwelly | 30 dhen t-Sultain 2011
Còmhdadh cruaidh ⁊ leabhar-d
£55.00 (£9.99 mar leabhar-d) | Ri fhaighinn
ISBN 9781907165023 (leabhar-d 9781907165092)
C
nan L | Ullapool Bks
| Blackwell's
| Amazon
UK
Hudendubel
| Amazon
DE
McNally
| Amazon
CA
Barnes
& Noble | Amazon
US
Fishpond.com.au
Fishpond.co.nz
Kindle RA
| SA
| Canada
| A’
Ghearmailt | Astràilia ⁊
Sealainn Nuadh
*Tha aplacaid Kindle ri fhaighinn air Android
is iOS
Thàinig a’ chiad chlò-bhualadh dhen fhaclair chlasaigeach seo
a-mach ann an 1901, barrachd air 100 bliadhna air ais. Tha e
fhathast ’na stòras iongantach de dh’fhaclan agus tha àite
sònraichte aige ann an saoghal na Gàidhlig.
’S clò còir a tha san leabhar seo, seach clach-lethbreac agus
tha an clò beagan nas motha agus fada nas soilleire na bha e
a-riamh. Chaidh rudan beaga a dheasachadh, mar mhearachdan
litreachaidh, mearachdan san òrdugh aibidileach agus chaidh an
litreachadh fhèin a chur air gleus beagan a thaobh rudan nach
robh cho cunbhalach ’s a bu chòir. Chaidh na dealbhan a
ghlanadh gu digiteach cuideachd agus tha iad nas soilleire
a-nis, gu h-àraidh na h-àireamhan sna dealbhan mòra.
Cha deach faclan ùra a chur ris agus gheibh sibh Dwelly cha
mhòr mar a bha e a-riamh mar sin agus tha Akerbeltz air leth
toilichte an leabhar ionmholta seo a chur ri ur làimh
a-rithist.